Taing mhòr dhan h-uile duine a cheannaich an leabhar. Thug sibh misneachd is togail dhomh agus chùm sibh mionach a’ chait làn riaraichte. Tha mi an-dràsta ag obair air an deasachadh ùr den leabhar airson 2027. Bidh barrachd fiosrachaidh na chois.
Tha mi ag iarraidh ur beachdan. Dè ur beachd air an leabhar? Dè na rudan a chòrd ribh is nach do chòrd? Dè lùigeadh sibh fhaicinn ann? Dè lùigeadh sibh fhàgail às?
Am biodh cuid ga iarraidh mar leabhar-d, ann an riochd didseatach an àite dìreach ann an clò àbhaisteach?
Am bu chòir beagan de mhìneachadh a bhi ann ann am Beurla, mar seòrsa de Diet Coke version? No am milleadh sin a’ chùis?
Am biodh feadhainn ag iarraidh tionndadh san t-seann litreachadh leis an dà sheòrsa sràc? Tha fios gun còrdadh sin ri cuid gu mòr, no gu mór. (Chì sibh dè rinn mi ann an sin, no dé rinn mi an sin.)
Tha dùil ri Mi Fhìn Is Mo Shaoghal 2027 uaireigin san Dàmhair am bliadhna. Tha dùil gum bi e ri fhaotainn ann am bùithtean cho math ri air-loidhne. Taing mhòr dha na h-uile.
Leave a comment