Tha sinn air ais airson 2027! Mìle taing dhan a h-uile duine a cheannaich an leabhar an-uiridh, agus taing mhòr airson nam beachdan feumail a chuir sibh thugainn. Tha sin air Mi Fhìn is Mo Shaoghal 2027 ùrachadh agus a sgrìobhadh às ùr.
Ùr am-bliadhna
- 🔥 Ar-a-mach Ghoillspidh. Iomradh air mar a dh’fheuch muinntir Ghoillspidh ri seasamh an aghaidh Fuadaichean Chataibh.
- 🎶 Lachlann MacBheathain: an neach Is a chuir am fonn Bun Easan ris an laoidh Nollaig Ghàidhlig, Leanabh an Àigh.
- 📻 Gaisgich na Gàidhlig: Iomradh air feadhainn a cudromach ann an saoghal na Gàidhlig, nam measg an fheadhainn a thòisich craobh-sgaoileadh ann an Gàidhlig, leithid Niall Friseal agus Ùisdean Mac a’ Phì; agus bàird leithid Iain Rothach à Suardail, a bha ri saor-rannaigheachd bliadhnaichean mòra mus do thòisich sgrìobhadairean Gàidhlig nas ainmeile oirre. Cuideachd iomradh air Aonghas Dubh, Fionnlaigh Strì, Màiri Mhòr agus gu leòr eile.
- 💬 Seanfhaclan “ùra”. Chaidh seanfhacal eadar-dhealaichte a chuir ris an leabhar airson 2027, agus gheibh sibh làn bhliadhna de sheanfhaclan eadar-dhealaichte.
Agus briathran misneachail airson gach là, le àite gus na rudan math a rinn sibh gach là a sgrìobhadh.
Tha ainmean làithean na seachdain agus nam mìosan againn anns gach cànan Ceilteach, agus ann an cuid de chànanan eadar-nàiseanta eile.
Seo leabhar-là a chleachdas sibh gach là, agus tha sin a’ ciallachadh beagan Gàidhlig gach là. Tha e air leth freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha airson a’ chànan a bhith timcheall orra fad na bliadhna. Tha e math cuideachd do fhileantaich nach eil cleachdte ri bhith a’ leughadh na Gàidhlig cho tric. Leughaibh Gàidhlig ann am criomagan beaga!
Fhuair sinn a-mach an-uiridh gun do chòrd e gu sònraichte ri fileantaich nas sine a bhith a’ cuimhneachadh air seanfhaclan a chluinneadh iad tric nan òige. Bha luchd-obrach slàinte-inntinn a bhiodh ag obair le daoine òga a’ cur luach mòr air na briathran misneachail. Agus bha mòran dhaoine dhen bheachd gum b’ fhiach na h-iomraidhean làitheil.
🛒 Far am faigh sibh e
Prìs: £22.50. Ri fhaighinn anns an Taigh Cèilidh, no air-loidhne:
- Alba agus an còrr dhen RA: Amazon · IngramSpark
- Èirinn: Amazon
- Na Stàitean Aonaichte: Amazon · IngramSpark
- Canada: Amazon
- Astràilia: Amazon · IngramSpark
- A’ Ghearmailt: Amazon
- An Fhraing: Amazon
Taing mhòr, agus tha sinn an dòchas gum bi e na chuideachadh dhuibh tro 2027! 🏴
We are back for 2027! Many thanks to all those who bought the book last year, and thanks for your helpful feedback. The 2027 edition has been rewritten and updated.
Ann am Beurla
New this year!
- 🔥 The Golspie Riot. Notes on the people of Golspie who tried to organise against the Sutherland Clearances.
- 🎶 Lachlan MacBeathain (Lachlan Macbean). He set the tune Bun Easan to the Gaelic Christmas carol Leanabh an Àigh.
- 📻 Gaelic giants. Short notes on figures from Gaelic life and culture, including the pioneers of Gaelic broadcasting such as Neil Fraser and Hugh MacPhee, and poets such as Iain Munro of Swordale, who pioneered free verse decades earlier than better-known Gaelic writers. Also notes on Aonghas Dubh, Fionnlaigh Strì, Màiri Mhòr and many others.
- 💬 All-new seanfhaclan. Every proverb has been changed for 2027, so returning users get a full year of fresh ones.
And a positive affirmation for every day, with space to note your positive achievements of the day.
The days of the week and the names of the months are given in all the Celtic languages, as well as in a few other international languages.
This is a planner you can use every day, which means a little Gaelic every day. It is ideal for learners who want the language around them all year, and for native speakers who are not used to reading Gaelic every day. Read Gaelic in bite-sized chunks!
Last year we found that older native speakers especially enjoyed recalling proverbs they used to hear often when they were young. People working with young people in mental health valued the positive affirmations. And many readers found the historical notes interesting and valuable.
🛒 Where to get it
Price: £22.50. Available at An Taigh Cèilidh, or online:
- Scotland and rest of UK: Amazon · IngramSpark
- Ireland: Amazon
- USA: Amazon · IngramSpark
- Canada: Amazon
- Australia: Amazon · IngramSpark
- Germany: Amazon
- France: Amazon
Mòran taing, and we hope it keeps you company through 2027! 🏴

Leave a Reply